エピソード

  • Oideas, 4.5 Shona NicCarmaig
    2025/10/29
    Sa phrògram seo tha Shona NicCarmaig ag innse do Gwen mu a slighe ann foghlam: an togail a fhuair i san Eilean Sgitheanach, mun ùidh aice ann ceòl, agus mu cho cudromach sa tha e dhì gun do rinn i diofar a’ choireigin do bheatha sgoilearan. Tha i cuideachd a’ bruidhinn mun ùine aice aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a bhith ag atharrachadh obraichean, agus a bhith aig stiùir a’ chùrsa teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha cuid dheth na tha nochdadh sa chòmhradh sin ri leughadh an seo: Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg https://www.smo.uhi.ac.uk/ionad-airson-sar-mhathais-ann-an-teagasg/?lang=en https://www.tes.com/magazine/news/general/centre-for-teaching-excellence-will-be-shaped-teachers https://www.gla.ac.uk/research/az/teaching-excellence/gaelichome/aboutcftegaelic/ 3mh Àite sa Rìoghachd Aonaichte https://www.smo.uhi.ac.uk/ceum-teagaisg-an-t-sabhail-san-treas-aite-san-rioghachd-aonaichte/?lang=en Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    続きを読む 一部表示
    1分未満
  • Oideas, 4.4 Christine NicLeoid
    2025/10/14
    Sa phrògram seo, tha Gwen a’ còmhradh ri Christine NicLeoid mun obair mhòr a rinn ann am foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bha Christine an sàs aig ìre na bun-sgoile agus ann a bhith ag oideachadh phàistean ron a’ sgoil. Chunnaic i fàs mòr ann àireamhan agus iomadh atharrachadh. Ach, mar a tha i ag innse do Gwen, bha sgeulachdan agus dualchas nan Gàidheal aig cridhe a teagasg tron ùine sin. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    続きを読む 一部表示
    35 分
  • Oideas, 4.3 Aonghas Iain Dòmhnallach
    2025/10/01
    An turas seo tha Gwen a’ còmhradh ri Aonghas Iain Dòmhnallach mu na làithean sgoile aige, an t-àm aige a' teagasg, agus an obair mhòr a rinn e aig Stòrlann. 'S ann a Uibhist a Tuath a tha Aonghas Iain ach chur e seachad a mhòr chuid de bheatha obrach a’ teagasg aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    続きを読む 一部表示
    47 分
  • Oideas, 4.2 Catriona Nic a’ Phì
    2025/09/17
    Fàilte gu Oideas Sreath 4, prògram 2. ‘S a phrògram seo tha Catriona Nic a’ Phì, tidsear Gàidhlig agus cruinn-eòlas ann an Inbhir Nis. B i Catriona tè dhe na thidsearan àrd-sgoil aig Gwen. Ann an còmhradh blàth, tha iad a’ coimhead air ais ar na laithean sin, a’ còmhradh mun t-slighe aig Catriona le Gàidhlig agus teagasg, agus a’ bruidhinn mu na dòighean as fheàrr cuspair a chumail ri clas nuair nach eil a’ chainnt aca gu nàdarra. Chaidh seo a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod Comann Luchd-teagaisg na h-àrd-sgoil https://clasalba.org/
    続きを読む 一部表示
    37 分
  • Oideas, 4.1 Donalda McComb
    2025/09/03
    Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    続きを読む 一部表示
    58 分
  • Oideas, Sreath 4 – Blasad!
    2025/08/28
    Fàilte air ais gu Oideas. Tha sreath 4 cha mhòr oirnn. An turas seo, tha sinn air a bhith bruidhinn ri seòid - daoine a tha air a bhith sàs le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhon fhìor thoiseach. Bidh a’ chiad phrògram a-mach Diciadain 3 Sultain le Donalda McComb. Agus an turas seo, tha na programan air fad ri fhaotainn air YouTube. Sgrùd airson Oideas agus lean sinn an sin.
    続きを読む 一部表示
    1分未満
  • Oideas 3.6 Wilma NicUalraig
    2024/06/05
    An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo: https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/ Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/ Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!
    続きを読む 一部表示
    46 分
  • Oideas 3.5 Lesley Hayes
    2024/05/22
    Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    続きを読む 一部表示
    32 分